Leigidh an GLA leat mion-sgrùdadh a dhèanamh air an teacs agad an dèidh dhut a chur sa bhocsa shìos. Faodaidh tu am faidhle a chur thugainn cuideachd le iarrtas cURL (meud nas lugha na 100kb, teacsa simplidh, còdadh UTF-8). Bheir e dhut an dara cuid tagadh morf-eòlach (tagadh agus freumhachadh) air neo tagadh morf-eòlach le anailis cho-chàraidheil (tagadh + freumhachadh + parsadh).
Fiosrachadh teicnigeach simplidh:
- Suidhichte air ARCOSG.
- Sgrìobhte le Python3.
- Air a chur an gnìomh le scikit-learn agus udpipe.
- Tha an freumhaiche (‘lemmatiser') stèidhichte air faclair a thug Mìcheal Bauer agus Uilleam MacDhunnchaidh (www.faclair.com) dhuinn gu coibhneil airson aobhairean rannsachaidh.
Ga lìbhreagadh le Uilleam Lamb agus Loïc Boizou (w.lamb@ed.ac.uk, Oilthigh Dhùn Èideann, agus lboizou@gmail.com, Oilthigh Vytautas Magnus) le taic Chailein Batchelor (colin.r.batchelor@googlemail.com).